Join Nostr
2024-11-09 15:09:52 UTC
in reply to

Seonaidh 🏴󠁧󠁢󠁳󠁣󠁴󠁿 on Nostr: Abair òran tiamhaidh a tha seo. Mar chuimhneachan orrasan a dh'fhalbh às an Eilean ...

Abair òran tiamhaidh a tha seo. Mar chuimhneachan orrasan a dh'fhalbh às an Eilean Mhuileach.

O teannaibh dlùth is togaibh fonn
Mo chridhe trom air m' aineol
'S mi fad o eilean an damh donn
'S bho thìr nan gleann 's nan gallan

O beir an t-soraidh seo nis bhuam
Thar chuain is chruaich is bheannaibh
A dh' ionnsaigh Muile nam beann fuar
O eilean uaine a' bharraich